Details:
Stòras a' Bhaile - Lùnastal 2026
Sgoil Bheul-aithris Bhaile nan Gàidheal
*English follows*
(Tha Stòras a' Bhaile an urra ri taic-airgid gus a chumail.)
Tha sibh air ur cuireadh a thighinn dha 'n Bhaile! Bidh Stòras a' Bhaile 2026 'ga chumail aig Baile nan Gàidheal 's an Lùnastal air na cinn latha a leanas: Di-màirt 18mh – Di-Sathairne 22mh. Thig sinn ri chéile a h-uile latha aig Rubha Eachainn eadar 9:30m-4:00f, ach am bliadhna thig sinn cruinn aig Beinn Mhàbu airson latha cuideachd. Bidh dannsa, luadh, is òraid ann 's an fheasgar mar phàirt dhe 'n Fhéis ann an Eilean na Nollaig.
Bidh an ceann Stòrais an trup seo na leanas: Iain Seathach, Oilthaigh Dhùn Éideann; Màiri Sìne NicLaomain, ban-seinneadair Ghàidhlig, Sionainn Nic'IlleMhaoil, Oifis Iomairtean na Gàidhlig, Seumas Y. Dòmhnallach, Baile nan Gàidheal, Cleasaichean Baile nan Gàidheal, agus luchd-eòlais Gàidhealach eile.
Tha cosgais na seachdaine cumte aig $100. Ma tha àite-fuirich a dhìth ort, leig fios 'ugainn. Theagamh gum bi seòmaraichean féin fhrithealadh rim faighinn ($300)
Tha Stòras a' Bhaile air innleachdadh mar chothrom eadar-gnìomhachail caidreabhach. Feumar tuigsinn nach bidh ach a' Ghàidhlig fhéin 'ga labhradh 's an àm. Am measg an t-seanchais a bhios ann, gheobhar òrain, naidheachdan, sgeulachdan, cabadaich, eachdraidh, spòrs, càirdeas, is eile. Gabhaidh sinn cuairtean air a' bhruthach, mar is math leinn.
Leis nach eil ann ri 'm faighinn ach 20 suidheachann, tha clàradh ro-làimh buileach riatanach. Gabhar ri muinntir na h-Albann Nuaidh a bhios ann fad na seachdaine air thoiseach air tagraichean eile. Gus clàradh a dheanadh, cuiribh làmh ris an fhoirm seo:
forms.gle/BFwZ6Rb3bgtG9zvs7
Bidh sinn an conaltradh a-rithist gus taisg fhaighinn agus àite a ghléidheadh dhuibh. Airson barrachd fiosrachaidh, cuir post-d gu storasabhaile@gmail.com
++++++++++++++++++++++++++
Stòras a’ Bhaile - August 2026
Highland Village Gaelic Immersion Folklife School
(Pending funding)
You are invited to join us at Stòras a’ Bhaile, a five-day Gaelic Immersion Folklife School at Highland Village, scheduled for Tuesday, August 18 to Saturday, August 22, 2026. The program will take place on the grounds of the Highland Village and include a day trip to Beinn Mhàbu. Sessions will run from 9:30AM to 4PM. There'll be songs, stories, tales, chatting, history, fun, friendship, and learning.
Advanced Event Data:
Event Data Sourced From:
Facebook:https://www.facebook.com/highlandvillagemuseum
Event Tags:
adults,baddeck, nova scotia,children,gaelic immersion,highland village,seasonal,stòras a' bhaile 2026,fèis an eilein
Event Categories:
Seasonal & Holiday
Event ID:
6a2ffd1df400126d325d3fbc
